Dòchas an gnìomhachas a' Chruidh Ghàidhealaich

Tha fèill mhòr air crodh Gàidhealach - an seo fhèin agus thall-thairis - a rèir na bha an làthair aig tachartas ann an Earra-Ghàidheal air an deireadh-sheachdain.

Chualas nach robh prìsean a-riamh cho math air an son anns na Stàitean Aonaichte.

A rèir Morven NicIlleDhuinn bho Chomann a' Chruidh Ghàidhealaich, tha cuideachd barrachd dhaoine òga a' tighinn a-steach dhan ghnìomhachas.