Naidheachdan 11:00m

Sunak

Thuirt Rishi Sunak gum bu chòir làn-neart an lagha a chur an sàs ma thèid dearbhadh gun do bhris duine aig a bheil ceangal rise-san no am Pàrtaidh Tòraidheach riaghailtean cearrachais. Tha ceathrar aig a bheil ceangal ris a' Phrìomhaire fo amharas gun do chuir iad geall air deit an Taghaidh Choitchinn. Thuirt Mgr Sunak, aig deasbad nan ceannardan air Question Time aig a' BhBC an-raoir gun robh dearg-chaothach air nuair a chuala e mu na casaidean sin.

Deasbad

Chaidh ceistean cruaidh aig an deasbad sin an-raoir air ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, mu a thaic do Jeremy Corbyn ron Taghadh Choitcheann ann an 2019. Thuirt Sir Keir nach robh e a-riamh an dùil gun soirbhicheadh Mgr Corbyn san taghadh sin ach gur e Prìomhaire na b' fheàrr na Boris Johnson a bhiodh ann. Thuirt leas-cheannard nan Làbarach, Angela Rayner, gun do chuir Sir Keir taic ri manifesto Mhgr Corbyn ann an 2019 'son gun robh e ag iarraidh riaghaltas Làbarach ach nuair nach tàinig sin gu buil gun do chuir e roimhe am pàrtaidh atharrachadh.

Adderley

Chaill Àrd-Chonstabal Poileas Northamptonshire, Nick Adderley, a dhreuchd an dèidh co-dhùnadh gun do dh'innis e breugan mu eachdraidh obrach sa Nèibhidh mus do chuir e 'son na h-obrach mar àrd-chonstabal. Chaidh casg cuideachd air Mgr Adderley bho obair phoilis san àm ri teachd.

Port Rìgh

Tha dòchas ann gun tèid seirbheis chùram-cabhagach làn-uine a stèidheachadh a-rithist aig Ospadal Phort Rìgh san Lùnastal. 'S e tuigse a' BhBC gu bheil NHS na Gàidhealtachd ag amas air na molaidhean gu lèir ann an aithisg neo-eisimeileach air cùram-slàinte na sgìre a chur an gnìomh. Ged a tha tha luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a' cur fàilte air sin thuirt iad gun deach sin a ghealltainn dhaibh roimhe agus nach tàinig e gu buil.

A9

Tha dithis an grèim agus sianar san ospadal an dèidh tubaiste air rathad an A9 an-dè eadar càr agus uidheam recovery. Thachair an tubaist aig ceann-rathaid Ghleann Thruim, beagan Tuath air Dàil Chuinnidh, aig mu 5:30f an-dè. Chaiadh fear a bha a' dràibheadh a' chàir agus an duine a bha a' dràibheadh an uidheim recovery a chur an grèim.