Naidheachdan 11:00m
Nicola Sturgeon
Tha Nicola Sturgeon - a bha roimhe na Prìomh Mhinistear - air innse nach eil i an dùil seasamh san taghadh Albannach an ath-bhliadhna. Tha i air a bhith na ball aig Holyrood bho 1990, a' ciallachadh gu bheil i am measg àireamh bheag de bhuill a th' air a bhith ann bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh. Bha i ann an dreuchd a' Phrìomh Mhinisteir eadar 2014 is 2022.
Fois-fhòirneirt
Thuirt an Kremlin gu bheil iad a' feitheamh fios bho oifigich Aimeireaganach mus can iad sgath mun phlana a th' ann 'son fois-fhòirneirt fad 30 là sa chogadh leis an Ucràin. Tha Kyiv air a ràdh gu bheil iad a' cur taic ris a' phlana a th' ann, ma ghabhas an Ruis ris. Tha dùil gun tèid oifigich Aimeireaganach a Mhosgo sna beagan làithean ri thighinn.
Taraifean
Tha an t-Aonadh Eòrpach ag ràdh gun cuir iad taraifean luach £22bn air stuth bho na Stàitean Aonaichte mar fhreagairt air taraifean a' Chinn-Suidhe Trump air stàlainn agus aluminium. Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais aig Westminster, Jonathan Reynolds, gur e bristeadh-dùil a th' ann an co-dhùnadh nan Stàitean Aonaichte.
Tancair
Tha Poileas Humberside fhathast a' ceasnachadh sgiobair an t-soithich cargaidh a bhual ann an tancair ola sa Chuan a Tuath Diluain. Tha an Ruiseanach, a tha 59, an grèim aca fo amharas marbhadh le coire tro fhìor mhì-chùram. Thathas an dùil gun deach ball de chriubha an t-soithich a mharbhadh.
Teasachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol a chur às de phlanaichean gus toirt orrasan a th' air taigh a cheannach bho chionn ghoirid gluasad gu teasachadh-dachaigh nas glainne don àrainneachd. Tha ministearan ag ràdh nach tèid an reachdas - a chaidh a dhealbhadh le Pàrtaidh Uaine na h-Alba - mar phàirt de dh'Aonta Thaigh Bhòid air aghaidh mar a tha. Thuirt co-cheannard nan Uaineach Patrick Harvie gu bheil an co-dhùnadh a' dol gu calg-dhìreach an aghaidh thargaidean a bu chòir a bhith aig an Riaghaltas mun ghnàth-shìde.
Port Linne Chrombaigh
Thèid planaichean gus leudachadh a thoirt air Port Linne Chrombaigh air beulaibh Chomhairle na Gàidhealtachd an-diugh fhathast. Tha seo a' tighinn as dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte innse gu bheil iad a' cur taic-airgid luach £55m ris a' phròiseact. Tha dùil gum bi an obair deiseil ro 2028 's gun cùm e taic ri mu mhìle cosnadh.