Naidheachdan 11:00m

Stòbhaichean fiodha

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba às gu tur do chasg air stòbhaichean a tha a' losgadh fiodha ann an taighean agus togalaichean ùra. Thòisich an casg sin na bu thràithe am-bliadhna ach chaidh a thogail rè ùine leis gun robh dragh ann mun bhuaidh air sgìrean dùthchail. Tha casg fhathast air ola agus gas mains mar phrìomh chonnadh. Thuirt Ministear Atharrachadh na Gnàth-Shìde, Alasdair Allan, gun do dh'èist an Riaghaltas ri dragh mu bhuaidh a' chasig air sgìrean dùthchail.

Amesterdam

Thuirt am Prìomh Mhinistear Duitseach, Dick Schoof, gur e gràinn air Iùdhaich a bh' anns an fhòirneart ann an Amsterdan an-raoir an dèidh geama ball-coise eadar Ajax agus an sgioba Israelach, Maccabi Tel Aviv. Tha còignear san ospadal agus còrr 's 60 duine an greim. Chuir arm Israel dà itealan a dh'Amsterdam airson luchd-taic a thoirt dhachaigh.

Taghadh nan Stàitean Aonaichte

Tha na meadhanan sna Stàitean Aonaichte ag aithris gun do shoirbhich le Dòmhnall Trump ann an stàit Nevada. Chan eil dùil ri buil na bhòt ann an Arizona dhan ath-sheachdain ach aig an ìre seo chaidh sia de na seachd stàitean as cudromaiche - na swing states - san taghadh gu Mgr Trump.

David Lammy

Dh'fheuch Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, David Lammy, cùl a chur ris na thuirt e ron seo mu Dhòmhnall Trump mar "sheann naidheachd". Thuirt Mgr Lammy ann an 2018 gun robh Mgr Trump a' taobhadh ri Natsaich an là an-diugh agus nach b' e caraid a bh' ann do Bhreatainn.

Ionnsaigh shaibheir

Sgrìobh Àrd-Oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, gu luchd-obrach na Comhairle gu lèir a' toirt taing dhaibh airson an saothrach agus foighidinn an dèidh na h-ionnsaigh saibeir air siostam IT an ughdarrais ionadail an-uiridh. Thuirt e gun do rinn iad adhartas mòr on uairsin agus gu bheil a' mhòr-chuid de sheirbheisean na comhairle air ais dhan àbhaist.