"'S e a bhith sòbarra an rud a bu mhotha às an d' fhuair mi buannachd nam bheatha"

Ruairidh MacÌomhair
  • Air fhoillseachadh

Thairis air fichead bliadhna, bho bha mi nam dheugaire gu tràth nam 30an, bha strì agam le deoch-làidir agus drugaichean.

Na bu tràithe dhen mhìos seo, chomharraich mi deich bliadhna de bhith sòbarra le bhith a' cur là sàmhach teaghlaich seachad le mo bhean agus ar dithis chloinne.

'S e a bhith a' fàs sòbarra an rud a bu dorra a rinn mi a-riamh. 'S e cuideachd, gun teagamh sam bith, an rud a bu mhotha às an d' fhuair mi buannachd.

Cha do bhruidhinn mi a-riamh gu poblach mun bhuaidh mhòir a tha eisimeileachd na dibhe agus dhrugaichean air a thoirt air mo bheatha, ach tha mi a-nis ann an àite far a bheil mi a' faireachdainn deiseil sin a dhèanamh.

'S e còmhradh deatamach a th' ann a dhol an sàs ann. Tha inbhe nach iarradh i idir aig Alba mar an dùthaich leis na h-àireamhan bàis as miosa san Roinn Eòrpa bho dhrugaichean, agus tha i air aon dhe na dùthchanann Eòrpach le na h-ìrean as àirde de bhàs ri linn na dibhe cuideachd.

Bho chionn ghoirid, thuirt Rùnaire na Slàinte Niall Gray gur e "traidseadaidh" a tha seo, an dèidh dha na h-àireamhan airson 2023 air cor na dùthcha a dhearbhadh a-rithist.

'S e a' chiad cheum ann a bhith a' dèiligeadh ris an traidseadaidh seo còmhradh fosgailte, onorach, agus às aonais nàire a bhith againn mu ciamar a ràinig sinn an ìre seo agus dè bu chòir tachairt a-nis.

Tha mi air na trì mìosan mu dheireadh a chur seachad a' rannsachadh nan ceistean seo, agus a' coimhead air ais air a' chàirdeas agam fhèin le deoch-làidir agus drugaichean, airson Eòrpa.

'S e slighe a th' ann a thug mi air ais gu nuair a bha mi nam dheugaire ann an Leòdhas anns na 90an.

Bha mi fortanach a' fàs suas airson iomadh rud: teaghlach a thug gràdh dhomh; beatha chofhurtail; agus àrainneachd air leth airson leanabh òg.

Ach bha àrainneachd de shèorsa eile mu chuairt ann an Leòdhas, coltach ri iomadh àite eile aig an àm - tè anns an robh deoch-làidir agus drugaichean pailt.

Ghabh mi deoch agus drugaichean airson a' chiad uair nuair a bha mi nam dheugaire òg agus chì mi a-nis gun robh na duilgheadasan agam le eisimeileachd ann bhon chiad dol a-mach.

B' e cainb an druga a bu mhotha a rinn cron orm mar dheugaire, ach bhithinn a' gabhail diofar stuthan eile cuideachd, ecstasy, valium agus amphetamines nam measg.

Mun àm a bha mi 17, bha mi air obair a bh' agam mar chleasaiche anns a' phrògram Machair a chall agus thuit mi a-mach às an sgoil.

Dh'innis mo dheagh charaid, Joanne, dhomh mu na h-atharrachaidhean a chunnaic i fhèin agus an teaghlach agam annam aig an àm, agus mun eagal a thàinig an cois sin.

"Bha eagal air do theaghlach gum bàsaicheadh tu. Bha agus a h-uile duine againn," thuirt i.

"Bha sinn eòlach air gu leòr dhaoine air an tug deoch-làidir agus drugaichean fìor dhroch bhuaidh.

"Nuair a bha sinn a' fàs suas, bha feadhainn dhar co-aoisean air làmh a chur nam beatha fhèin agus aig an robh strì mhòr le slàinte-inntinn.

"Airson do phàrantan, agus do mhàthair gu sònraichte, bha e dìreach cho fìor eagalach."

Ghluais mi a Ghlaschu ann an oidhirp cùisean a thionndadh mu chuairt agus thàinig piseach air mo bheatha.

Sguir mi a' cleachdadh cainb, chaidh mi dhan cholaiste gus na Highers agam a dhèanamh, agus fhuair mi a-steach dhan Oilthigh. Shoirbhich leam an sin agus bha coltas ann gun robh na duilgheadasan agam air mo chùlaibh.

Ach an ceann beagan bhliadhnaichean nochd na dearbh thrioblaidean a bh' agam nam dheugaire ann an cruth eile: deoch-làidir.

An dèidh dhomh tòiseachadh air deoch-làidir a chleachdadh san aon dòigh a chleachd mi drugaichean mar dheugaire - gu cunbhalach agus ann an oidhirp smachd a chumail air mar a bha mi a' faireachdainn - chaidh mi nam alcoholic.

Mun àm a bha mi ann am meadhan nam ficheadan, bha mi air tòiseachadh a' gabhail seizures a' tighinn far na dibhe. Chaidh dotairean, lighichean-inntinn agus seirbheisean airson daoine a tha an eisimeil na dibhe mar phàirt dhe mo bheatha.

Ann an 2010, ghabh mi fear dhe na ceumanan a bu chudromaiche a ghabh mi a-riamh, a' dol gu coinneimh de bhuidheann "12-step" airson a' chiad uair.

B' ann tro dheagh charaid dha mo mhàthair, Dòmhnall Dòmhnallach, a thachair e.

"Tha cuimhne agam coinneachadh riut agus bha thu gu mòr airson innse dhomh dìreach cho uabhasach 's a bha cùisean," thuirt e.

"Agus bha mise gu mòr airson bruidhinn, cha b' ann mu dheidhinn sin, ach na b' urrainn dhuinn a dhèanamh airson do chuideachadh."

Bha cùram agus taic na buidhne seo fìor chudromach dhomh, mar a bha dà thuras ann an rehab.

Ann an dòigh 's e atharrachadh grad a bh' ann nuair a sguir mi gu tur ann an 2014, ach bha e stèidhichte air bliadhnaichean de bhith ag ionnsachadh mu bheatha shòbarra.

Ged a bha mi a' dol a-steach gu caibideil ùr na mo bheatha, bha buaidh na dibhe agus dhrugaichean fhathast faisg orm.

B' e mo bhràthair Alasdair an leanabh a b' òige san teaghlach, às mo dhèidh agus mo bhràthair nas sine.

Bha Alasdair còir, èibhinn, coibhneil, agus dhèanadh e caraidean ann an àite sam bith dhan deadh e.

Thòisich e ag òl agus a' gabhail drugaichean na dheugaire, an toiseach, coltach ri gu leòr eile, dìreach air an deireadh-sheachdain. Thug e ceàrd a-mach mar neach-dealain agus shoirbhich leis san obair.

Ach mean air mhean ghabh na stuthan smachd.

A dh'aindeoin oidhirpean a rinn e fhèin, agus taic a dh'fheuch sinne mar theaghlach agus a charaidean a chur ris, dh'fhàs a dhuilgheadasan na bu mhotha agus na b’ iomadh-fhìllte.

Aig deireadh a' Mhàirt 2022 fhuair mi fios gun robh Alasdair air bàsachadh gu h-aithghearr na chadal ann an tubaist agus e air deoch-làidir agus drugaichean a ghabhail.

Anns a' bhad, dh'atharraich saoghal an teaghlaich againn gu bràth.

Dh'innis fear dhe na caraidean a b' fhaisge a bh' aige, Niall Bartlett, dhomh mun bhuaidh air buidheann fìor dhlùth de charaidean a dh'fhàs suas le chèile.

"Ged a bha sinn uile mar charaidean tha mi a' creids gum biodh sinn uile ag ràdh gur e Ali an caraid as fheàrr a bh’ againn," thuirt e.

"'S e an ceangal a bha gar tarraing uile còmhla ri chèile.

"Tha sinn uile a’ faireachdainn na beàrn, nach eil e ann, fhathast.

"Feadhainn dhe na caraidean aig a bheil clann, tha iad a’ tighinn gu aois a-nis far a bheil iad a’ cur eòlas oirnne uile agus 's e truas a th’ ann nach bi iad a’ cur eòlas air Ali

"Bidh e beò anns a’ chuimhne againn agus bidh clann nan caraidean a’ cluinntinn ma dheidhinn tron sin, le cinnt."

Tha na mìltean de theaghlaichean ann an Alba a' dèiligeadh ri buaidh do-labhairt bàs bho dheoch-làidir no drugaichean gach bliadhna.

Le gach bliadhna a tha a' dol seachad, 's e adhbhar eu-dòchais a th' ann nach eil lùghdachadh mòr a' tighinn air na h-àireamhan a tha a' bàsachadh.

Ach tha buidhnean ann a tha a' feuchainn ri diofar a dhèanamh, agus anns na ceumanan aca tha tomhas de dhòchas airson an ama ri teachd.

Ann an taobh an ear Ghlaschu, thadhail sinn air Cluba Coimhearsnachd Bluevale, a tha air na seirbheisean ath-shlànachaidh aca fhèin a chur air chois airson na coimhearsnachd aca.

Còrr air 250 mìle air falbh ann an Gallaibh, chuala sinn mar a tha seirbheis ath-shlànachaidh na dibhe agus nan drugaichean air ceumanan ùra a ghabhail gus taic fhaighinn tràth do luchd-cleachdaidh dhrugaichean.

Agus aig Oilthigh Shruighlea chuala sinn mu mhodh-obrach à Innis Tile a dh'fhaodadh daoine òga a stiùireadh air falbh bho bhith a' cleachdadh stuthan.

Ged a tha ceumanan adhartach gan gabhail, tha iarrtasan ann airson atharrachaidhean nas bunaitiche aig ìre poileasaidh an riaghaltais.

Tha an carthannas FAVOR (Faces and Voices of Recovery) a' riochdachadh dhaoine agus choimhearsnachdan air a bheil trioblaidean le deoch-làidir no drugaichean a' toirt buaidh.

Mì-thoilichte le dìth chòraichean laghail dhaibhsan a tha a' sireadh leighis, chuir iad romhpa sin atharrachadh. Thòisich iad air dreach bhile a chur ri chèile.

"'S e dhèanadh am Bile seo," mhìnich Àrd-Oifigear Favor, Annemarie Ward, "ma thèid innse dhut nach eil còir agad air rehab, dh'fheumadh tu mìneachadh sgrìobhte fhaighinn air carson a tha sin.

"Agus mura robh thu toilichte le sin, dh'fhaodadh tu ath-mheasadh laghail iarraidh.

"Chuireadh e cumhachd air ais ann an làmhan an fheadhainn a tha a' fulang agus làmhan nan teaghlaichean aca."

Fhuair FAVOR èisteachd bho na Tòraidhean agus chuir Dùghlas Ros, seann cheannard a' phàrtaidh ann an Alba, an reachdas mu choinneamh Holyrood na bu tràithe am-bliadhna.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad deònach beachdachadh air a' Bhile ach tha iad a' togail air ceumanan eile a tha iad a' gabhail.

Nam measg tha bun-inbhean ùra airson leigheas medigeach; taic airson ionad ann an Glaschu far an gabh drugaichean a ghabhail gu sàbhailte; agus amas mìle àite rehab a thabhainn gach bliadhna ro dheireadh na pàrlamaid.

Ach thathar a' gabhail ris san Riaghaltas gu bheil na h-àireamhan bàis bho dheoch-làidir agus drugaichean fhathast ro àrd.

Ann am bràth sa phàrlamaid san t-Sultain, thuirt Rùnaire na Slàinte gur e briseadh-dùil uamhasach a th' anns na h-àireamhan agus thabhainn e co-fhaireachdainn orrasan air a bheil bàs a' toirt buaidh.

A' bruidhinn rinne, chaidh Niall Gray ceum na b' fhaide.

Dh'fhaighnich mi dha a bheil iad duilich mar riaghaltas airson na h-àireamhan fhathast a bhith aig ìre cho àrd.

"Gun teagamh," thuirt e.

"Tha mi a' faireachdainn sin. Tha mi a' tuigsinn na buaidhe uabhasaich is a' chall a th' ann, an dà chuid nuair a tha teaghlach a' call neach-dàimh, ach cuideachd na duilgheadasan a th' ann ron sin a' feuchainn ri taic a chumail ris an neach sin.

"Tha mi a' tuigsinn cho fìor dhoirbh 's a tha sin.

"Agus mar sin, tha, tha mi duilich airson nam beathannan a chaidh a chall."

Dh'innis Mgr Gray dhomh gu bheil e ag iarraidh lùghdachadh leantainneach fhaicinn anns na h-àireamhan a tha a' bàsachadh. Chìthear fhathast an tèid aig oidhirpean an Riaghaltais air sin a thoirt gu buil.

Chan urrainn dhuinn tionndadh air falbh bho cho freumhaichte ’s a tha deoch-làidir agus drugaichean ann an co-chomann na h-Alba, agus na duilgheadasan mòra tha iad ag adbharachadh.

Tha fios agamsa mun bhuaidh uamhasaich a tha a’ tighinn an cois bàis, agus cuideachd mu na cothroman iongantach a tha an lùib ath-shlànachaidh.

‘S e a tha follaiseach a-nis gu bheil e mar dhleastanas oirnne mar cho-chomann – agus air na riaghaltasan agus ùghdarrasan a tha os ar cionn – gun toir sinn piseach air cùisean airson nan ginealaichean ri teachd.

Chìthear Eòrpa air BBC ALBA Diciadain aig 9:00f is an seo air iPlayer a' BhBC.

Tha taic ri fhaighinn air loidhne-gnìomha a' BhBC.