"'S ann beò a tha a' Ghàidhlig an Albainn Nuaidh"

Tha Mìos nan Gàidheal air tòiseachadh ann an Alba Nuadh is muinntir na sgìre a' comharrachadh cultar, dualchas, eachdraidh agus cànan eadar seo is deireadh a' Chèitein.

Thòisich an tachartas bho thùs ann an 1996 is e a-nise gu math stèidhichte.

'S e "'S ann beò a tha a' Ghàidhlig an Albainn Nuaidh" cuspair sònraichte na mìos am-bliadhna is fòcas gu sònraichte air ainmean-àite.

Is mar a chuala Stephen MacLeòid bho Lodaidh MacFhionghain bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig ann an Alba Nuadh, tha gu leòr a' dol aca.