Naidheachdan 11:00m
Canada
Thuirt Prìomh Mhinistear Chanada, Mark Carney, gu bheil saoghal ùr mu choinneimh Chanadianach le Dòmnall Trump a' sparradh taraifean orra agus a' moladh an dùthach a dhèanamh na pàirt de na Stàitean Aonaichte. Bha Mgr Carney a' bruidhinn às dèidh dhan Phartaidh Libearalach aige an taghadh coitcheann a bhuannachadh. Bha na Libearealaich air a bhith fada air dheireadh sna cunntasan-bheachd gus an do dh'fhoillsich Mgr Trump na taraifean aige.
An Spàinn
Tha Rìgh na Spàinne a' cumail coinneimh tèarainteachd nàiseanta an-dràsta a nì sgrùdadh air mar a chaill iad fhèin agus Portagal cumhachd an dealain an-dè. Dh'obraich sgiobannan einnseinnìridh tron oidhche airson cumhachd a thilleadh air ais gu na milleanan dhaoine. Thuirt an Riaghaltas ann am Madrid aig an ìre seo gu bheil iad fosgailte ri mìneachadh sam bith air dè a dh'adhbharaich an call. Ged a tha dealan air ais, tha oifigich Spàinnteach ag iarraidh air daoine gun a bhith a' conaltradh cus air na fònaichean aca agus gun a bhith a' siubhal ach ma dh'fheumas iad.
Marks & Spencer
Tha am BBC a' tuigsinn gum faodadh gum mair an troimh-cheile aig Marks and Spencer, a dh'fhuiling ionnsaidh saidhbeir aig àm na Càisge, gu deireadh na seachdain. A' freagairt aithrisean mu sgeilfichean lom ann an cuid de bhùithdean, dhaingnich a' chompanaidh gu bheil stuth gann ann an cuid de dh'àitichean. Tha M&S cuideachd air dàil a chur air òrdain air-loidhne.
Inimreachas
Fo phlanaichean an Riaghaltais, thèid inimrich a chaidh a dhìteadh airson eucoirean feise a chasg bho bhith a' sireadh comraich san Rìoghachd Aonaichte. An-dràsta, 's iad feadhainn a fhuair binn prìosain de bhliadhna neo nas fhaide a th' air an toirmeasg. Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Yvette Cooper, gun cuir seo barrachd dìon air a' phoball. Tha na Tòraidhean ag ràdh gu bheil an rud a tha i a' moladh fadalach agus nach eil e a' dol fada gu leòr.
BP
Thuit prothaidean BP cha mhòr dàrna leth sa chiad chairteal den bhliadhna. Choisinn a' chompanaidh ola $1.38bn sna trì mìosan gu toiseach a' Ghiblein, sìos bho $2.7bn aig an aon àm an-uiridh. Tha BP cuideachd air na taragaidean caitheimh aca a ghearradh 's iad a' coireachadh cho caochlaideach 's a tha na maragaidhean.
Magaidh Chapman
Dh'fhailich air a' Phartaidh Tòraidheach am ball Uaine Magaidh Chapman a chur far Comataidh Co-Ionnanachd na Pàrlamaid Albannaich. Bha Chapman, a tha na leas-chathraiche air a' chomataidh, air càineadh a dhèanamh air co-dhùnadh na Prìomh Chùirteach mu dè dìreach a bh' ann am boireannach, 's i ag ràdh gun robh e claon-bhreitheach agus làn gràin. Chaill na Tòraidhean a' bhòt airson a cur far na comataidh ceithir gu trì.
Tubaist-rathaid
Tha poilis ann an Dùn Èideann a' sireadh taic an t-sluaigh às dèidh mar a chaidh boireannach aosta a dhroch ghoirteachadh ann a tubaist-rathaid. Thuirt oifigearan gun robh am boireannach, a tha 80 bliadhna de dh'aois, a' coiseachd air Barraid Ashley mu àm tràth dhiathaid nuair a bhuail BMW dubh innte. Tha na Poilis airson bruidhinn ri dràibhearan sam bith a bh' anns an sgìre agus aig a bheil dealbhan dashcam.
Bocsaichean-fòna
Chaidh co-chomhairleachadh a chur air dòigh le BT mu bhith a' faighinn cuidhteas 110 fònaichean poblach air a' Ghàidhealtachd. Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil piseach ann an lìonraidhean fòn-làimhe a' ciallachadh nach eil feum orra tuilleadh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh do choimhearsnachdan beachd a thoirt air na planaichean mus tig an co-chomhairleachadh gu crìch san Ògmhios. Tha na bocsaichean-fòna aig cidhichean Ùige agus Caol Àcainn am measg nan goireasan a dh'fhalbhas fo phlanaichean BT.