"Tha an t-uabhas nach eil ga iarraidh idir"

Chaidh dragh a thogail aig coinneimh sa Mhanachainn oidhche Chiadain mun bhuaidh a bheireadh planaichean SSEN airson fo-stèisean cumhachd san sgìre.

Tha a' chompanaidh a' sireadh cead-dealbhachaih bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus iad ag ràdh gu bheil feum air goireasan agus crainn-dealain ùra airson targaidean an Riaghaltais Albannaich airson cothromachadh carboin a choileanadh.

Tha dragh air cuid san sgìre ge-tà, mun ùpraid a bhios ann a thaobh trafaig is turasachd fhad 's a thathas ga thogail.

Thuirt SSEN gun dèanadh iad an dìcheall buaidh na trafaig a lùghdachadh.