Dragh gun tèid a' chiad Phàirce Hampden a chall

Nochd uallach am measg chuid gum faodadh gun tèid làrach a' chiad Phàirce Hampden ann an Glaschu a chall.

Tha dùil gun dùin an cluba bobhlaigh a th' oirre an-dràsta an ath bhliadhn'.

Bidh i an uair sin a' dol chun na buidhne a bhios a' dèiligeadh ri talamh do Chomhairle Baile Ghlaschu, gun fhios cò dh'fhaodadh a ceannach.

Am beachd cuid, tha i seo ro chudromach do dh'eachdraidh a' bhuill-choise, airson a call.