Naidheachdan 11:00m

Joe Biden

Tha dragh air Deamocrataich sna Stàitean Aonaichte mu cho cugallach 's a bha Joe Biden san deasbad telebhisein eadar e fhèin agus Dòmhnall Trump an-raoir ann an iomairt taghaidh a' Chinn-Suidhe. Bha luchd-taic Mhgr Biden an dòchas gun cuireadh an deasbad às de theagamh gu bheil e, aig 81 bliadhna de dh'aois, ro shean airson teirm eile mar Cheann-Suidhe. Bha coltas air Mgr Biden aig amannan gun robh e gu math mì-chinnteach às fhèin. Chaidh an dithis a-mach air a chèile mu chuspairean mar in-imreachas, casg-breith agus an eaconomaidh.

In-imreachas

Thuirt ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gu bheil e air uabhasachadh le briathran fear de luchd-iomairt Reform UK mu in-imrichean. Thuirt e gun dèan a' chùis deuchainn do cheannas Nigel Farage. Thuirt Mgr Farage nach bi àite aig duine a chanas dad mì-iomchaidh den t-seòrsa sin ann an iomairt a' phàrtaidh.

Agus thàinig air Sir Keir aideachadh an-diugh gun robh a bhriathran fhèin mu in-imrichean à Bangladais a' tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte "leibideach". Thuirt Sir Keir ann an deasbad na bu tràithe an t-seachdain seo nach eil daoine a tha a' tighinn à dùthchannan mar Bhangladais gan cur a-mach às an dùthaich seo - rud a chuir fearg air tagraichean agus luchd-taic a phàrtaidh fhèin.

An Taghadh

Ann an iomairt an taghaidh an-diugh tha leas-cheannard nan Làbarach, Angela Rayner, ann an Hamaltan a' bruidhinn air plana airson tuarastal bith-beò do bhoireannaich. Tha Tòraidhean na h-Alba gu bhith ann an Siorrachd Pheairt le rabhadh nach dèan bhòt do Reform UK ach cuideachadh dhan SNP. Bidh ceannard an SNP, John Swinney, a' foillseachadh sanasachd air busaichean, agus bidh ceannard Albannach nan Lib Deamach, Alex Cole Hamilton, a-mach air cùisean na h-àrainneachd.

An Eaconomaidh

Sheall na figearan as ùire fàs nas motha na bha dùil ann an eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte, a thàinig a-mach à crìonadh air a' chiad trì mìosan den bhliadhna. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh fàs 0.7% ann an toradh GDP na dùthcha suas bho 0.6% ris an robh dùil.