Naidheachdan 11:00m

Dòmhnall Trump

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad cinnteach nach toir am beachdan air Dòmhnall Trump agus air a phoileasaidhean buaidh air a' chàirdeas eadar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte. Thuirt am ministear caibineit Pat McFadden gu bheil e gu math cinnteach gum mair an càirdeas ged a tha coltas eas-aonta ann mu chùisean leithid na h-eaconomaidh agus atharrachadh na gnàth-shìde.

An Roinn Eòrpa

Tha Sir Keir Starmer am measg nan ceannardan Eòrpach a tha a' coinneachadh ann am Budapest an-diugh. Bidh iad a' deasbad taghadh Dhòmhnaill Trump agus dè a' bhuaidh a bheir sin air cùisean Eòrpach mar chogadh na h-Ucràin.

Nissan

Tha a' chompanaidh chàraichean Iapanach, Nissan, a' gearradh 9,000 cosnadh air feadh an t-saoghail. Chan eil e follaiseach an toir sin buaidh air làraichean na companaidh ann an Sunderland agus Cranfield ann am Bedfordshire. Thuirt Nissan gu bheil iad a' fulang le crìonadh sna margaidhean sna Stàitean Aonaichte agus ann an Sìona.

NHS nan Eilean Siar

Thuirt NHS nan Eilean Siar gur e gainnead luchd-obrach as coireach gu bheil feadhainn air a bheil aillse broillich gan cur gu cùram san Eaglais Bhric seach Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Tha dragh ann mu bhuaidh siubhail air euslaintich. Thuirt NHS nan Eilean Siar gur ann mar sin a bhios a' chiad ghreis, agus gun cùm iad fiosrachadh ris a' choimhearsnachd.

Moss Park

Thàinig Comhairle na Gàidhealtachd agus NHS na Gàidhealtachd gu aonta ann am prionnsabal leis a' bhuidhinn HC-One fo an ceannaich iad dachaigh-cùraim phrìonbhaideach Moss Park ann an Caol a' Ghearasdain, a bha an cunnart dùnadh. Tha dùil gun gabh NHS na Gàidhealtachd thairis ruith na dachaigh tràth an ath-bhliadhna.

Croitean Bàna

Tha iomairt ùr aig Coimisean na Croitearachd airson croitean nach eil gan obrachadh a chur gu feum. Thuirt an Coimisean gu bheil croitearachd a' toirt buannachd mhòir dhan eaconomaidh, dhan choimhearsnachd agus dhan àrainneachd, agus gu bheil dleastanas orra talamh a chur gu feum, gu h-àraid ann an sgìrean sa bheil nas lugha chroitean na tha iarrtas ann air an son.

Astràilia

Thuirt Prìomhaire Astràilia, Anthony Albanese, gu bheil an dùthaich am beachd clann nas òige na 16 a chasg bho na meadhanan sòisealta. Thuirt e gu bheil dragh air mòran phàrantan an sin mu shàbhailteachd òigridh air-loidhne.