Teaghlaichean ag ràdh nach cuala iad càil bho luchd-casaid a' rannsachadh bhàsan ri linn Covid

Thuirt teaghlaichean a chaill luchd-dàimh sa phandemic nach cuala iad càil bhon luchd-casaid a tha a' rannsachadh bàs na mìltean de dhaoine co-cheagnailte ri Covid air feadh Alba.

Stèidhich Oifis a' Chrùin aonad sònraichte bho chionn ceithir bliadhna airson an call-beatha a sgrùdadh, ach tha càirdean feadhainn a bhàsaich ag ràdh nach eil an rannsachadh a' gluasad luath gu leòr.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris.