Pàirc spòrs phlastaig ga h-iarraidh anns na Hearadh
Tha a' bhuidheann Spòrs na Hearadh air taic-airgid fhaighinn airson sgrùdadh a dhèanamh feuch an gabh pàirc spòrs phlastaig a thogail anns an eilean.
Tha an tè as fhaisge ann an Steòrnabhagh - rud nach eil ro ghoireasach dha luchd-spòrs na Hearadh fhèin.
Tha tuilleadh aig Calum MacIllinnein.