An Hector gus tilleadh le Splais Mhòr

Tillidh soitheach ainmeil an Hector dhan uisge aig Cidhe Phictou ann an Alba Nuadh Disathairne.

Chaidh ath-chruthachadh den bhàta a thogail anns na 1990an.

Thugadh i às an uisge anns na bliadhnaichean mu dheireadh airson obair a dhèanamh oirre.

Tha sin a-nise air a dèanamh is an Hector na pàirt de leasachadh gus an cidhe a stèidheachadh mar thè de phrìomh làraichean dualchais Chanada.