Ionmhas airson pròiseactan uaine siubhal

Chuir Riaghaltas na h-Alba còrr is £10m not ri planaichean aig Comhairle Baile Ghlaschu a tha ag amas a' dhèanamh nas fhasa do dhaoine siubhal anns a bhaile ann an dòighean nas uaine agus a chuireas ri amasan so-sheasmhachd anns a bhaile.

Bidh slighean coise agus baidhseagal ùr ann, agus thèid feadhainn a th'ann mur tha a leasachadh, mar a tha Calum Mac'Illinnein ag aithris.