A' cladhach an Gleann Comhann
Tha cladhach a' dol air adhart an Gleann Comhann far an do thachair am murt ainmeil an 1692.
An-uiridh chaidh prìne-fèilidh agus pàirt de phìob bhon 17mh Linn a lorg.
A-nis tha Urras Nàiseanta na h-Alba agus Oilthigh Ghlaschu air ais ann an Achadh nan Con feuch am faigh iad barrachd.
Chaidh Andreas Wolff a dh'fhaicinn na bha a' dol.