"Cha robh baidhg agam sia bliadhna air ais!"
Le Geamannan nan Eilean gus tòiseachadh a dh'aithghearr ann an Arcaibh, tha fear-baidhseagail à Uibhist air a bhith ag innse mun t-slighe a ghabh e gu Sgioba nan Eilean Siar.
Tha Brian Mac a' Phì na shaor ann an Inbhir Nis is chan eil e cho fada sin bho thòisich e air rothaireachd gu ceart.