Naidheachdan 11:00m

Leabanon

Thuirt Prìomhaire Iosraeal, Benjamin Netanyahu, gun lean còmhraidhean mu fhois-fòirneirt le Hezbollah, ged a bha tuilleadh ionnsaighean adhair Iosraelach air a' bhuidhinn an Leabanon tron oidhche. Thuirt oifigich sna Stàitean Aonaichte gun do ghabh Mgr Netanyahu ri fosadh, ach gun do dh'atharraich e a bheachd nuair a chaidh feadhainn san riaghaltas aige na aghaidh. Bruidhnidh Mgr Netanyahu ri Àrd-Sheanadh an UN ann an New York an-diugh fhathast.

Ùghdarrasan Ionadail

Coinnichidh ceannardan comhairle na h-Alba an-diugh a-rithist a dheasbad àrdachadh pàighidh dhan luchd-obrach. Ghabh dhà de na h-aonaidhean as motha, Unite agus GMB, ri àrdachadh ron seo ach dhiùlt an t-aonadh as motha sa bheil luchd-obrach comhairle, Unison, sin agus tha iad fhathast a' maoidheadh stailcean.

Tòraidhean na h-Alba

'S e Russell Findlay ceannard ùr nan Tòraidhean ann an Alba. Fhuair esan còrr is dàrna leth na bhòta san taghadh san robh Murchadh Friseal san dàrna àite 's Meghan Gallacher san treas àite. Chaidh an taghadh a ghairm anns an Ògmhios nuair a dh'innis Dùghlas Ros gun robh e a' cur bhuaithe na dreuchd. 'S e Mgr Findlay ball liosta airson Taobh Siar na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba bho 2021, agus bha e na fhear-labhairt air ceartas.

Florida

Tha aithrisean ann gun do chaill triùir air a' char as lugha am beatha ann an Stoirm Helene ann am Florida. Tha gaoth suas ri 140 mìle san uair ann, agus uisge trom, le cunnart gum bi suailean mòra mara ann. Chaidh an stoirm ìsleachadh bho ìre hurricane beagan na bu tràithe an-diugh.

Port-adhair Steòrnabhaigh

Dh'iarr companaidh nam port-adhair, HIAL, an leisgeul a ghabhail airson mar a chaidh luchd-siubhail fhàgail aig Port-adhair Steòrnabhaigh an-raoir. B' fheudar dhan phlèana falbh gu ruige Ghlaschu 's i falamh. Thuirt HIAL nach robh luchd-obrach tèarainteachd aig a' phort-adhair aig an àm oir gun robh e taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach leis gun robh an t-itealan fadalach a' ruigheachd Steòrnabhaigh.

Earra-Ghàidheal is Bòd

Cha bhi Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' stèidheachadh sgoile Gàidhlig fa leth anns an sgìre. Thuirt còrr is leth a fhreagair co-chomhairle air a' chuspair nach eil iad ag iarraidh sin. Chaidh a' Chomhairle às àicheadh nach deach co-chomhairle cheart a dhèanamh.