Aonta sgìreil luach £50m do Earra-Ghàidheal

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air fàilte a chur air Aonta Dùthchail luach lethcheud millean not. Tha seo coltach ri aonta baile a tha iomadach àite ann an Alba air fhaighinn thuige seo. Ach, mar a tha Andreas Wolff a-nis ag aithris, ged a tha a' chomhairle a' cur fàilte air an naidheachd, tha an suim gu math gann air na bha iad a' sireadh.