Dragh às ùr mu iolairean-mara
Tha dragh às ùr a measg chroitearan mu bhuaidh iolairean-mara air stoc agus tha tè à Leòdhas a coireachadh na h-eòin airson bàs fear de na laoigh aice.
Le àm breith nan uan air tòiseachadh, tha I ag iarraidh air NatureScot, ris a bheil sgeama stiùiridh nan iolairean-mara an urra, gnothach a ghabhail ris a chùis.
Mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris, tha a' bhuidhean ag aideachadh gun deach mearachdan a dhèanamh nuair a chaidh na h-iolairean an ath-stèidheachadh ann an Alba.