Fearg mu mholadh airgead Oighreachd a' Chrùin a chleachdadh airson taighean a thogail 's na Hearadh
Tha fearg am measg cuid sna Hearadh gur ann bho phoit Oighreachd a' Chrùin na sgìre a thathar a' moladh gun tig cuibhreann dhan a' mhaoineachadh a tha a dhìth airson dusan taigh-sòisealta a thogail san t-Òb.
Bha toilcheas ann an-dè leis an dearbhadh gun deach aonta a' ruiginn mun sgeama taigheadais, às dèidh dhraghan mu chosgais air a mhìos a chaidh.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil còmhraidhean a' dol le Fòram na Hearadh, feuch am faighear aonta. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.