Tùr Eachann nan Cath gus fosgladh às ùr?

Eachann nan CathTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid tùr a chaidh a thogail an cuimhne shaighdeir ainmeil Ghàidhealaich ath-fhosgladh don phoball.

Bhuineadh am Mèidsear Seanalair Sir Eachann Dòmhnallach - "Eachann nan Cath" mar a bh' aig daoine air sa Ghàidhlig - do Mhaol Bhuidhe, faisg air Inbhir Pheofharain.

B' e mac chroiteir a bh' ann, 's Gàidhlig aige, a dh'èirich gu àirde airm Bhreatainn aig àm nuair a bha a leithid cha mhòr do-dhèante.

Bha e fiù 's na neach-cuideachaidh don Bhanrigh Bhictòiria.

Chuir e làmh na bheatha fhèin ann an taigh-òsta ann am Paris ann an 1903, an dèidh do dh'oifigearan eile fathannan a sgaoileadh mun fheisealachd aige.

A dh'aindeoin an sgainneil a bha a' cuairteachadh a bhàis - gach cuid ri linn dòigh a bhàis agus an t-adhbhar a bh' air a chùlaibh - bha muinntir thaobh sear Shiorrachd Rois cho moiteil às 's gun do chruinnich iad airgead a thog tùr na chuimhne a tha 100tr de dh'àirde.

'S e tùr a th' ann gu dearbha, a tha gu math follaiseach do dhuine sam bith a thadhaileas air Inbhir Pheofharain, 's e na sheasamh air cnoc gu h-àrd os cionn a' bhaile.

Chan eil e fosgailte don phoball tuilleadh ge-tà, mar a bha uaireigin.

Dh'fhaodadh gu bheil sin an impis atharrachadh.

Tùr Eachann nan Cath ann an Inbhir PheofharainTùs an deilbh, Craig Wallace/Geograph

Chaidh iarraidh air comhairlichean air Ghàidhealtachd còrr air £162,500 bho Mhaoin Ath-bheothachaidh nan Coimhearsnachdan a thoirt seachad airson an tùr a sgeadachadh.

Bha Eachann nan Cath air aithneachadh ra linn fhèin mar sàr-shrataidsich, agus airson na feachdan aige a stiùireadh bho uchd a' bhlàir fhèin, seach bhon chùl.

Ghabh e san arm ann an 1870, a' dol na shaighdear phrìobhaideach anns na Saor-thoilich Raidhfil Ghàidhealach Siorrachd Inbhir Nis. Bha e 17.

Ghabh e an uair sin sna Gòrdanaich, agus dh'èirich e gu luath tro rangannan nan oifigearan neo-choimiseanaichte.

An dèidh dha a bhith na sheàirdseant brataich grunn bhliadhnaichean, thàinig e gu aire àrd-oifigearan ri linn a threubhantais anns an Dàrna Cogadh Afganach ann an 1880.

Ri linn sin, chaidh dà roghainn a thabhainn air: a bhith air a chur air adhart airson Crois Bhictòiria, no coimisean fhaighinn san rèiseamaid aige.

Ghabh e an dàrna roghainn. Rud a bha na urram ainneamh.

Àrd-oifigearan ainmeil bho Chogadh nam BoerTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Eachann nan Cath (air an làimh dheis aig a' bhonn) agus oifgearan ainmeil Breatannach eile bho Chogadh nam Boer

Aig Blàr Omdurman san t-Sudàn ann an 1898, rinn commandair Arm Bhreatainn, am Morair Kitchener, mearachd gun fhiosta dha, le bhith a' fàgail cliathaich an fheachd aige fosgailte don nàmhaid.

Ghluais an Dòmhnallach na feachdan aigesan ann an leth-chearcaill fhad 's a bha an nàmhaid a' toirt ionnsaigh nan deann air cliathaich fosgailte nam Breatannach.

Chùm e a loidhne gu sgileil, a' toirt cothrom do Khitchener a' mhearachd aige a chur ceart.

Bha an gnothach gu math faisg, agus mu dhà pheilear an urra air fhàgail aig gach duine ann am feachd an Dòmhnallaich.

Cha b' e taing a fhuair e bho Khitchener 's na h-oifigearan eile nach robh air èirigh tro na rangannan mar a rinn e fhèin.

Nochd fathannan gun robh e air a bhith ri feise le firerannaich òga ann an Ceylon, agus bha e ann an cunnart a dhol ro chùirt airm.

Chan eil feadhainn a tha a' seasamh a chliù an-diugh, Comann Chloinn Dòmhnaill nam measg, a' gabhail ris na fathannan idir, 's iad a' dèanamh dheth nach robh ann ach leth-bhreith agus farmad bho a cho-oifigearan.

Chaidh an tùr os cionn Inbhir Pheofharain fhosgladh ann an 1907, ceithir bliadhna an dèidh a bhàis aig aois dìreach 50.

Ma thèid leis an iarrtas airson maoineachaidh, dh'fhaodadh gun tig cliù Eachann nan Cath gu aire barrachd dhaoine às ùr, agus gum faigh daoine cothrom air sealladh iongantach fhaicinn 's iad nan seasamh gu h-àrd os cionn Inbhir Pheofharain.