Moit is dìon: beachd nan Gàidheal air "Eachann nan Cath"

Eachann nan Cath
Fo-thiotal an deilbh,

Mac chroiteir às an Eilean Dubh a dh'èirich gu àirde Airm Bhreatainn, agus cliù feadh na h-Ìmpireachd, toiseach na 20mh Linne

  • Air fhoillseachadh

Saighdear cho ainmeil, na là, 's a thàinig à Alba - am Mèidsear-Sheanalair Sir Eachann MacDhòmhnaill - Eachann nan Cath.

Gàidheal a bh' ann, agus mac chroiteir às an Eilean Dubh - rud a rinn duilgheadas dha 's e air sreap gu h-àirde an Airm Bhreatannaich, am measg oifigearan eile a bha nan uaislean.

Bha mar a dh'èirich e chun na dreuchd sin, a' faighinn cliù mar ghaisgeach air a' bhlàr-chatha, na chùis iongantais na là, agus rud a bha na adhbhar moit mhòir do mhuinntir na sgìre aige.

Ach ann an 1903, 's e 50 bliadhna de dh'aois, chuir e làmh na bheatha fhèin aig taigh-òsta ann am Paris, agus sgainneal sna naidheachdan gun robh e ri feise le fir òga ann an Ceylon (Sri Lanka an-diugh).

Tha an Dr. Sìm Innes aig Oilthigh Ghlaschu a' coimhead ri mar a chaidh an sgeulachd aige a riochdachadh anns na colbhan naidheachd agus irisean Gàidhlig aig an àm.

Tha e a' toirt seachad òraid mu dheidhinn ann an Sruighlea Dimàirt, aig co-labhairt mu "Cho-sheòrsachd agus Cultar na h-Alba".

"Rugadh e san Eilean Dubh, agus chaidh e dhan sgoil an sin - sgoil na h-Eaglaise Saoire ann am Maol Buidhe," thuirt an Dr. Innes.

"Tha e coltach gun robh Gàidhlig aige. Tha fianais againn air sin bho na pàipearan aig an àm.

"Bha e na shaighdear ainmeil, nuair a thig e gu h-aon 's gu dhà.

"Ann an 1870 chaidh e a-steach dhan 92nd Gòrdanaich Ghàidhealach, agus bha dreuchd aige a bha aithnichte air feadh Bhreatainn.

"Bha e fhèin aithnichte airson a ghaisge. Bha e anns na h-Ìnnsean, ann an Afraga a Deas, Sudan, anns an Èipheit, agus mu dheireadh ann an Sri Lanka - ann an "Ceylon" aig an àm.

"Bha cliù aige a bha cho mòr agus gun robh fiù far-ainm aige ann am Beurla cuideachd.

"'S e Eachann nan Cath a chluinneas tu ann an Gàidhlig, ach 's e Fighting Mac a chleachdadh iad ann am Beurla," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha cliù mòr aig Eachann MacDhòmhnaill airson na choilean e air a' bhlàr-chatha

Aig Blàr Omdurman anns an t-Sudàn, anns an t-Sultain 1898, nochd an comanndair Breatannach am Morair Kitchener cliathaich an fheachd aige le mearachd do dh'arm a' Mhahdi.

Ghluais MacDhòmhnaill na companaidhean aigesan ann an arc fhad 's a bha an nàmhaid a' toirt ionnsaigh, 's le làimhseachadh sgileil, chùm e an loidhne fada gu leòr airson cothrom a thoirt do Khitchener na feachdan a chur an òrdugh às ùr.

Nuair a bha am blàr seachad, bha dà pheilear an urra, sa chumantas, aig saighdearan MhicDhòmhnaill air fhàgail ri losgadh.

Tha cuimhne aig eachdraidh oifigeil air Kitchener mar ghaisgeach Omdurman.

Bu mhòr cliù MhicDhòmhnaill aig an àm ge-tà, agus bu mhòr an sgainneal a bhris mu a chlaigeann ann an 1903.

Ged a bha e pòsta, 's mac aige, bha fathannan air a bhith a' dol am measg àrd-oifigearan an Airm aig an àm gun robh e ri feise le fir - 's chan e fir a-mhàin ach deugairean fireann.

"Bha Eachann pòsta. Phòs e tè Christina Duncan, agus bha mac aca - ged, air adhbhar air choireigin, a bha sin air a chumail car sàmhach, dìomhair.

"Ach tha luchd-eachdraidh a th' air coimhead anns an tasglann air sealltainn gun robh fathannan ann a' dol air ais cho fada ri toiseach an 20mh Linn, gun robh rudeigin a' dol eadar e fhèin agus fireannach a bha na phrìosanach cogaidh ann an Afraga a Deas.

"Tha sin a' nochdadh ann an litrichean aig Kitchener.

"Ach 's e an sgainneal a thug bàs dha, ann an dòigh, gun robh casaidean ann gun robh e ri drabastachd le fireannaich - agus chan e sin a-mhàin ach le deugairean fireann ann an Ceylon.

"Nuair a dh'èirich seo uile, dh'fhàg e an t-àite, a thighinn air ais a Bhreatainn.

"Agus nuair a thachair seo bha e ann an seòmar ann an taigh-òsta ann am Paris.

"Tha e coltach gun do leugh e fhèin an sgeulachd mu dheidhinn fhèin anns an New York Herald.

"Thuig e bhon aithris sin gun robh iad a' dol a dhèanamh Court Marshal air, agus chuir e às dha fhèin. Chuir e làmh na bheatha fhèin anns an taigh-òsta," thuirt e.

Ma bha an sgainneal seo millteach aig an àm, tha coltas ann nach robh sin gu cus diofair do mhuinntir na Gàidhealtachd agus Alba san fharsainneachd - b' e fear den fheadhainn aca fhèin a bh' ann, 's bha iad air leth moiteil às mar a shoirbhich leis na dhreuchd.

"Bha muinntir na h-Alba agus muinntir na Gàidhealtachd ga dhìon, gus tòrr dhaoine gu làidir den bheachd gun deach droch-dhìol a dhèanamh air Eachann, nach robh na casaidean idir fìor, agus nach robh na dòighean agus an togail aig Eachann mar chroitear bochd air a' Ghàidhealtachd a' còrdadh ri urrcha mòra anns an Arm," thuirt an Dr. Innes.

"Bha e cho ao-coltach ris a h-uile duine eile.

"Mar sin tha luchd-eachdraidh air sgrìobhadh bhon t-sealladh sin.

"Tha luchd-eachdraidh eile, air a bhith a' dèanamh obair anns an tasglann agus air a bhith ag ràdh uill, ma bha eucoir ann tha sin a' ciallachadh gun robh luchd-fulaing ann, agus gum bu chòir èisteachd riuthasan.

"Mar sin chanainn gu bheil an dòigh a bhios luchd-eachdraidh a' coimhead air an sgeulachd a tha seo air atharrachadh thar nam bliadhnaichean," thuirt e.

Tùs an deilbh, Mary and Angus Hogg/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuimhne fhathast aig muinntir Inbhir Pheofharain air Sir Eachann MacDhòmhnaill

Aig an àm, chan e nach robh iomraidhean gu leòr air Eachann agus a bhàs anns na colbhan agus irisean Gàidhlig a bha gam foillseachadh.

Gu dearbha, bha meas nan Gàidheal ga chur an cèill ann an riochd gu math traidiseanta - marbhrannan.

"Aig an àm sin, bha colbhan Gàidhlig a' nochdadh ann am pàipearan sa Bheurla - san Oban Times, an Northern Chronicle, an Highland News.

"Bha cuideachd iris Ghàidhlig ga foillseachadh fhathast ann an Alba Nuadh, air an robh Mac-Talla.

"Mar sin chuir mi seachad beagan ùine ann an Tasglann nam Pàipearan-naidheachd Breatannach.

"Lorg mi sia marbhrannan a chaidh a sgrìobhadh airson Eachainn Dòmhnallaich anns an dà bhliadhna an dèidh dha bàsachadh.

"Tha iad gu mòr ann an traidisean nam marbhrannan Gàidhlig a gheibh thu do mhinistearan, do chinn-chinnidh agus eile - ach a-mhàin gu bheil ceistean ann mun bhàs, mu na thachair, uile a' nochdadh.

"'S dòcha gu bheil sin rud beag neo-àbhaisteach ann am marbhrann traidiseanta mar gum biodh.

"Ceistean gan togail mu na thachair, mu staid-inntinn an duine is eile," thuirt an Dr. Innes.