Dàil eile air aiseagan

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil a' choire airson an dàil a thàinig air dà aiseag ùr dha CalMac gu mòr air an fheadhainn a b' àbhaist a bhith os coinn ghàrraidh Ferguson Marine ann an Glaschu.

Ghabh an Riaghaltas smachd air a' ghàrradh às deidh duilgheadasan mòra 's na cosgaisean air dùblachadh.

Tha e ciallachadh nach bi aiseag ùr Loch nam Madadh, an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh ann a-nis son 3 bliadhna eile co-dhiù. Seo Murray MacLeòid.