Film ùr mun Mhonadh Ruadh ga thaisbeanadh

Chaidh film Gàidhlig ùr a thaisbeanadh air an deireadh-sheachdain a' comharrachadh an obair a tha daoine òga a' dèanamh gus Pàirce Nàiseanta a Mhonaidh Ruaidh ath-nuadhachadh a thaobh dualchas agus cànan na sgìre.

Ach le draghan tric air an togail mu chrìonadh-sluaigh agus gainnead chothroman do dh`òigridh an àite, tha am film cuideachd a' togail cheistean mun ath ghinealach.

Tha Nicole Dempster ag aithris.