SMOair fhoillseachadh aig 16:58 TSB
Tha sinn a-nise a' gluasad gu Sabhal Mòr Ostaig.
Bha taic thar-phàrtaidh aig ìre 2 gum bu chòir inbhe SMO àrdachadh is comas a thoirt dhan cholaiste ceuman a thoirt seachad.
Tha Willie Rennie le atharrachadh gum feumadh Riaghaltas na h-Alba gnìomhan a ghabhail gus taic a chur ri SMO a leasachadh mar ionad nàiseanta 'son cànan, cultar is foghlam na Gàidlig.
Thuirt e gu bheil aonta làidir ann gu bheil seo deatamach.
