Targaidean - Gàidhlig san dachaighair fhoillseachadh aig 15:05 TSB

Bha deasbad beòthail aig ìre 2 eadar Mìchael Marra is Ceit Fhoirbeis mu thargaidean.
Tha an dithis aca a-nise air grunn atharrachaidhean ùra a chur air adhart a thaobh thargaidean.
Am measg atharrachaidhean aig Ceit Fhoirbeis tha gum feumadh an Ro-innleachd ùr Nàiseanta targaidean a stèidheachadh dhan Riaghaltas a thaobh cleachdadh na Gàidhlig a leasachadh.
Ach às dèidh dhi a ràdh aig ìre 2 gun robh ceistean ann mu na slatan-tomhais a bha Mgr Marra a' moladh, tha esan air tilleadh le moladh 'son targaidean co-cheangailte ris "an àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh" agus "an àireamh de chloinn ann an dachaighean a tha a' cleachdadh na Gàidhlig"