Gainnead dhaoine 'son bàta-teasairginn an t-Òib a chumail a' dol
Tha bàta-teasairginn an t-Òib a' dol a sgur, 's a' chomataidh ionadail shaor-thoileach ag ràdh nach eil daoine gu leòr aca airson a ruith.
Feumaidh an RNLI a-nise sgrùdadh a dhèanamh feuch dè an ath-cheum, agus co-dhùnadh a dhèanamh air a bheil no nach eil iad a' dol a dhùnadh an stèisein.
Tha mar a tha sluagh na sgìre air crìonadh agus na tha a' fuireach ann air fàs nas sine gu mòr air cùlaibh na thachair, a rèir Manaidsear Stèisean Bhàta-teasairginn an t-Òib, Catriona NicIllinnein.