"Tha mi a' tabhainn uallach a ghabhail 'son a' Chaisteil"

Tha teaghlach às na Stàitean Aonaichte air innse gun do rinn iad tairgse £250,000 airson Caisteal Armadail a ruith mar urras chathrannach.

Tha teaghlach MacDonald-Korth ag ràdh gu bheil iad 'son urras ùr a stèidheachadh gus an caisteal is na gàrraidhean a ruith is gun toir iad cuireadh do shliochd Chlann Dòmhnaill earannan a cheannach.

Thuirt iad gum feumadh tòrr den obair a bhith air a dhèanamh gu saor-thoileach.

'S ann aig meadhan-là Diardaoin a dh'fheumas tagraidhean gus Oighreachd Shlèite, Caisteal Armadail agus na gàrraidhean a cheannach a bhith staigh.