Duaisean Dèan Diofar : Iain Moireasdan

Chanadh gu leòr gun robh obair gu leòr an cois a bhith a' ruith bùtha air an Tairbeart fad 35 bliadhna.

'S e na rudan eile a bhiodh Iain 'Brownie' Moireasdan a' dèanamh do dhaoine ge-tà, a tha ga fhàgail air geàrr-liosta Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal.