Inbhe leughaidh àrd a’ dol gu Acadamaidh Dhòrnaich

Tha sgeama, a tha ag amas air leughadh airson tlachd a bhrosnachadh aig Acadamaidh Dhòrnaich, air inbhe nàiseanta a choileanadh.

'S e ‘Reading School’ a th’ air an sgeama, agus 's e Urras Leabhraichean na h-Alba a tha ga ruith.

Bha an sgoil mar-tha air inbhe airgid fhaighinn airson an sgeama, agus 's iad a’ chiad àrd-sgoil air a’ Ghàidhealtachd a fhuair seo.

Tha iad a-nise, ge-ta, air inbhe òir fhaighinn. Seo Calum MacLeòid…