Loidhne-rèile a' Chaoil dùinte

Tha loidhne-rèile a' Chaoil dùinte agus tuil air a chur fodha an dèidh uisge trom Diluain.

Chaidh seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse a chur dheth ri linn.

Nuair a chaidh sùil a thoirt air làrach na tuile aig Achadh nan Allt, an ear air Achadh na Sìne, aig glasadh an là bha an t-uisge air falbh, ach bha sprùilleach a' bacadh na loidhne.

Tha Network Rail ag ràdh gu bheil iad ag obair gus eabar a thoirt far na rèile cho luath 's a ghabhas.