Rèis nan longan àrda
Tha na ceudan mhìltean air a bhith a' tadhal air Obar Dheathainn thar an deireadh sheachdainn agus rèis nan longan àrda air a bhith air chèilidh air a bhaile airson a' chiad uair ann an cha mhòr 30 bliadhna.
Tha còrr air 50 bàta bho air feadh an t-saoghail air a bhith suidhe 's a phort bho Dhihaoine, agus iad a' siubhal gu Nirribhidh a-màireach.
Tha Stephen MacLeòid air a bhith ann an Obar Dheathainn an-diugh.