Dàrna dachannan nas daoire ann an coimhearsnachdan Gàidhlig?

Thèid oidhirp a dhèanamh aig Holyrood a dhèanamh nas daoire dàrna dachaigh a cheannach ann an Sgìrean Cànain Sònraichte.

Cuiridh Ross Greer, a tha a' seasamh airson ceannas nan Uaineach, atharrachadh air adhart do Bhile an Taigheadais a chuireadh cìs a bharrachd air ceannach dàrna dachaigh anns na Sgìrean Cànain Sònraichte a thèid ainmeachadh a dh'aithghearr.

Seo Niall O'Gallagher.