Naidheachdan 11:00m

Eaconomaidh Bhreatainn

Bha fàs gu math nas fheàrr na bha eòlaichean an dùil aig 0.5% ann an eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte sa Ghearran. Bha am fàs as motha ann an seirbheisean agus tionnsgalachd. Thuirt an Seansalair, Rachel Reeves, gu bheil adhbhar misneachd ann, ach tha na Tòraidhean ag ràdh gu bheil astar mòr aig an Riaghaltas ri dhol fhathast.

Taraifean

Dh'iarr an Ceann-Suidhe Xi air an Aonadh Eòrpach a dhol còmhla ri Sìona ann an strì an aghaidh tharaifean nan Stàitean Aonaichte. Thuirt Xi Zingping gu bheil an Ceann-Suidhe Trump ri burraidheachd eadar-nàiseanta. Chuir Beijing taraif air stuth a' tighinn às Aimeireaga suas an-diugh gu 135%. Tha taraif 145% air cuid den stuth a tha Sìona a' cur a dh'Aimeireaga.

An Ucràin

Bheir an Rìoghachd Aonaichte £350m de thaic do chogadh na h-Ucràin an aghaidh na Ruis. Thèid a chosg air armachd leithid dhrònaichean ùra agus càradh charbadan armaichte.

Gàsa

Thuirt luchd-obrach aig ospadal ann an Gàsa gun deach deichnear anns an aon teaghlach a mharbhadh ann an ionnsaigh adhair Israelaich. Tha aithrisean ann air ionnsaighean mòra ann an Khan Younis agus Raffah.

Christina McKelvie

Bidh an tiodhlacadh aig Christina McKelvie, a bha na ball agus na ministear riaghaltais aig an SNP aig Holyrood, ann an Glaschu feasgar. Chaochail ise sa Mhàrt aig 57 bliadhna de dh'aois an dèidh strì ri aillse.

Caley Thistle

Tha cluba ball-coise Caley Thistle Inbhir Nis an dòchas gluasad a-mach à rianachd ro dheireadh an t-seusain seo. Tha sin an dèidh dearbhadh gur e am fear-gnothaich Ailean Savage as coltaiche an cluba a ghabhail thairis.