Ceàrnag Sheòrais ga dùnadh

Tòisichidh obair-leasachaidh ann an Glaschu an t-seachdain seo anns an ath-phròiseact gus piseach a thoirt air meadhan a' bhaile.

Thèid meadhan Cheàrnag Sheòrais a dhùnadh fad ochd mìosan deug fhad 's a tha an obair a' leantainn ann.

Ged a tha fàilte ga cur air an leasachadh, tha draghan ann mun bhuaidh a bheir e air sgìre thrang den bhaile.

Seo Alasdair MacIllinnein.