Crathadh air Eaglais na h-Alba an Leòdhas
Chaidh gabhail ri plana fon tèid co-thionalan Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas a cheangal còmhla agus lùghdachadh a thoirt air na tha de mhinistearan.
Fàgaidh an t-atharrachadh nach bi ministear làn-ùine dhaibh fhèin aig co-thionalan tuilleadh ach ann an Steòrnabhagh, far am bi fhathast trì eaglaisean fa leth.