Dealbhan-balla Steòrnabhaigh a' tighinn beò às ùr
Thòisich obair airson dealbhan-balla ùra a chur suas ann an Steòrnabhagh is obair ùrachachaidh air dealbhan a bh' ann roimhe.
Tha 27 bliadhna ann on chaidh a' chiad phìos-ealain a chur ri balla ann an Ceàrnag Phearsabhail, air a chruthachadh leis an neach-ealain Iain Brady.
'S e Chris Rutterford an neach-ealain a tha a-nise ris an obair ann an stiùidio am meadhan a' bhaile a tha fosgailte dhan phoball.