£28m airson aiseig ùr a' Chorrain

Thèid airgead a bha air a' chomharrachadh airson rathaidean air iomal Inbhirnis a' chleachadadh airson bàta ùr a chuir air seirbheis aiseig a' Chorrain.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba gum faod Comhairle na Gàidhealtachd £28m not a bha iad an dùil a chosg air cearcal rathaid a Longman a chuir gu feum eile, 's iad ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid an t-seirbheis a leasachadh.

Seo Karen Elder.