"Adhartas" le aiseag ùr an aite an LOTI

Tha adhartas ga dhèanamh gus sòitheach ùr a thogail a thèid an àite an Lord of the Isles air an t-slighe eadar Loch Baghasdail 's Malaig.

Sin a' dh'innis CMAL do Chomataidh na Cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Bha Àrd-Oifigear CMAL, Caoimhin Hobbs, agus Stìuiriche Shoithichean CMAL, Jim MacAnndrais, a' toirt fianais do bhuill Albannach mu bhith togail shoithichean ùra do lìonra ChalMac.

A dh'aindeoin 's gu bheil iad a' gluasad air adhart le na h-argamaidean gnothachais airson soitheach ùr a thig an àite an LOTI, dh'innis iad do bhuill gu bheil cidhe Mhalaig fhathast gan cuingealachadh a thaobh na seirbheis a dh'Uibhist.

Seo Mìcheal MacNèill.