"Bun-structar nas fheàrr" a dhìth às dèidh obair-leasachaidh SSEN

Feumaidh bun-structar Leòdhais a bhith nas fheàrr na tha e an-dràsta nuair a bhios obair-leasachaidh aig SSEN deiseil, a rèir chathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar.

Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn agus còmhraidhean air a bhith ann eadar diofar bhuidhnean mun bhuaidh a bheir an obair air an eilean 's air a' choimhearsnachd.