Mì-thoileachas am measg cuid mun sgeama thaic
Thàinig measgachadh bheachdan am follais mu sgeama Riaghaltas na h-Alba do ghnothachasan a dh'fhulaing ri linn trioblaidean aiseig.
Chaidh innse gur iad gnothachasan ann an Uibhist, Colbhasa agus ann an Arainn a-mhàin a gheibh cothrom air a' mhaoin luach £4.4m.
Chan eil cuid a' faireachdainn gu bheil seo cothromach ge-tà, le feadhainn eile ag ràdh gur e bàtaichean aiseig seach airgead a tha a dhìth.
Tha an aithris seo aig Ailean Macleòid.