Pàirc Àth Tharracail: "...àite snog a th' ann a-nise 'son a dhol ann"

Tha obair a' dol feuch leasachadh a dhèanamh air pàircean-cluiche air feadh na Gàidhealtachd is cuid dhiubh ann am fìor dhroch staid.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse roimhe nach eil stòras ro mhòr aca son a bhith gan càradh, mu £58 airson gach pàirc gach bliadhna.

Ach tha trì bliadhna ann bho ghabh a' choimhearsnachd ann an Àth Tharracail smachd air a' phàirc acasan.

'S iomadh buannachd a tha iad air fhaicinn bhon uairsin, a rèir cathraiche Pàirc-Chluiche Àth Tharracail, Fiona Chamshron.