Riaghailtean trafaic gan teannachadh am meadhan Steòrnabhaigh
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gum bi iad a' teannachadh riaghailtean air sràidean do luchd-coiseachd a-mhàin ann am meadhan Steòrnabhaigh gus an t-àite a dhèanamh nas sàbhailte.
Chaidh carbadan a chasg bho mheadhan a' bhaile bho chionn grunn bhliadhnaichean, ach cha robh cuid a' cumail ri na riaghailtean mar bu chòir.
Seo Ailig John Moireasdan.