Dragh mu chòmhdhail sgoile san Eaglais Bhric
Tha cuid de phàrantan ag ràdh gum bi aca ris an cuid chloinne a thoirt a-mach à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ma chuireas Comhairle na h-Eaglaise Brice às do chòmhdhail-sgoile dhaibh.
Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil uallach laghail orra còmhdhail-sgoile a chur air dòigh, agus gu bheil cosgaisean a' ciallachadh nach urrainn dhaibh cumail a' dol leis.
Seo Eilidh NicÌomhair.