Dragh mu bhuaidh atharrachadh dreuchd air foghlam tron Ghàidhlig

Bòrd air balla seòmar-teagaisg
  • Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh planaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd gus a' mhòr-chuid de dhreuchdan Prìomh Thidsearan a ghearradh ann am bun-sgoiltean na sgìre toirt air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Dheadh timcheall air 70 dreuchd atharrachadh fo na planaichean.

'S iad mar as trice prìomh thidsearan a tha a' dèiligeadhri roinnean Gàidhlig ann an sgoiltean sa bheil a' mhòr-chuid de theagasg tron Bheurla.

Tha dragh air buidhnean a tha a' riochdachadh phàrantan Gàidhlig gun cuir seo bacadh air a bhith a' teagasg sa chànan aig àm far a bheil àireamhan thidsearan Gàidhlig ìosal.

"Tha na Prìomh Thidsearan cudromach, ach tha iad gu h-àraidh cudromach a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt Maggie Wentworth bho Chomann nam Pàrant.

"Tòrr de na sgoiltean far a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig stèidhichte, a' mhòr-chuid anns an sgoil tha iad ann am foghlam Beurla, so cha bhi ceannard no iar-cheannard ann le Gàidhlig.

"Dreuchd Phrìomh Thidseir, tha sin a' toirt cothrom dha cuideigin a bhios ann aig dreuchd àrd 's a bhios a' stiùireadh 's a' toirt comhairle a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ach cha bhi na tidsearan agus a' chlann ann am FtMG a' faighinn an aon taic 's a bha iad ron seo - le stiùireadh air a' churraicealam agus taic le goireasan."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha dragh air Magaidh Wentworth mun chùis

"Tha e gu h-àraidh duilich gu bheil seo a' tachairt aig àm far a bheil Bile nan Cànanan Albannach a' dol tron Phàrlamaid agus tha sinn a' coimhead air ro-innleachd ùir airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus gum bi leasachadh, adhartas agus fàs fhathast ann am FtMG

"Cuideachd tha sinn aig àm far a bheil e doirbh luchd-teagaisg a thrusadh.

"Chan eil e cho tarraingeach 's a b' àbhaist dha a bhith airson diofar adhbharan, agus nì seo gnothaichean nas miosa tha mi a' smaoineachdainn."

Fo na planaichean tha e coltach gum bi a' mhòr-chuid de bhun-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd a' call nam Prìomh Thidsearan aca.

Às dèidh dhaibh co-chonaltradh poblach a dhèanamh, dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh gun cuireadh iad às den dreuchd anns a' mhòr-chuid de bhun-sgoiltean.

Fo phoileasaidh ùr Comhairle na Gàidhealtachd, cha bhiodh prìomh thidsearan a' call nan obraichean aca mar thidsearan idir, ach chailleadh iad an dleastanas aca mar phrìomh thidsearan.

Tha cuid ag ràdh gun cuir seo barrachd uallaich air tidsearan àbhaisteach agus ceannardan sgoile air feadh na Gàidhealtachd.

Dh'iarr am BBC beachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd, ach cha do thill iad fhathast.