Naidheachdan 11:00m

Teachdaireachdan

Tha dùil gun coinnich ard-chuip nan Làbarach ris a' bhall-pàrlamaid Oliver Ryan às dèidh dha leisgeul a thabhainn airson teachdaireachdan a chuir e ann am buidheann WhatsApp. Tha seann mhinistear na slàinte, Andrew Gwynne, am measg na bha sa bhuidhinn agus a chaidh a chur às a dhreuchd Disathairne airson nan teachdaireachdan mì-iomchaidh a chuir e. Tha esan air leisgeul a thabhann airson na sgrìobh e. Thuirt Mgr Ryan gu bheil aithreachas airsan airson na sgrìobh e cuideachd.

Taraifean

Tha an Coimisean Eòrpach ag ràdh gun cuir e dìon air maith luchd-obrach, luchd-ceannach agus gnothachasan às dèidh don Cheann-Suidhe Trump innse gun cuir e taraif 25% air stàilinn agus alùmanum bho dhùthaich sam bith eile. Tha dùil gur i Canada a dh'fhairicheas a' bhuaidh as motha bho na planaichean. Thuirt an Coimisean nach eil adhbhar ann airson a' ghluasaid.

In-imrichean

Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil còrr air 1,500 inimreach air a dhol thar a' Chaolais Shasannaich thuige seo am-bliadhna. Thàinig 62 ann an geòlachan beaga an-dè. Thuirt iad cuideachd gun deach 609 duine a chur an grèim le sgiobannan inimreachais air a' mhìos seo chaidh, agus gun deach corr air 800 rèid a dhèanamh air gnothachasan. Tha seo uile a' tighinn agus buill aig Westminster gu bhith a' deasbad bile inimreachais an-diugh fhathast - a tha ag amas air dèiligeadh ri gràisgean a bhios a' cuilltearachd dhaoine.

AI

Tha luchd-poileataigs bho air feadh an t-saoghail agus ceannardan teicneòlais ann am Paris airson chòmhraidhean dà là air innleachd fuadain, air a neo AI. Tha dùil gum bi còmhraidhean ann mar as urrainnear a leithid a riaghladh. Tha dùil cuideachd gum bi fòcas air mar as urrainnear leasachadh a thoirt air an teicneòlas ann an dòigh a tha seasmhach.

Ospadal Latharna agus nan Eilean

Chaidh obair-lannsa ris an robh dùil aig Ospadal Latharna agus nan Eilean san Òban a chur dheth air an deireadh-sheachdain tàilleabh gun robh tuil sna seòmraichean-lannsa. Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun robh pìob air sgàineadh 's gu bheil an obair a leantainn gus sin a chàradh. Thuirt iad gur dòcha gun toir e buaidh air obair-lannsa ris a bheil dùil an t-seachdain seo, 's thabhainn iad leisgeul airson an t-suidheachaidh.