Naidheachdan 11:00m

Cogadh na h-Ucràin

Thuirt na Stàitean Aonaichte agus an Ucràin gun do rinn iad adhartas le molaidhean a' Chinn-Suidhe Trump airson an cogadh leis an Ruis a thoirt gu ceann. Tha barganaichean Aimeireaganach agus Ucràinianach air frèama-obrach airson sìthe ùrachadh leis an amas gun cùm obair a' dol thar nan làithean ri teachd air plana sìthe. Thuirt Rùnaire Stàite nan Stàitean Aonaichte, Marco Rubio, gun do rinn iad adhartas mòr leis a' phlana ach gun robh obair fhathast ri dhèanamh mus deadh aonta deireannach a chur gu an Ruis.

Stòras Uibhist

Tha an t-uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist air neach-comhairleachaidh a thoirt a-steach le cumhachd riaghlaidh. Seo às dèidh do dhà aithisg a' bhuidheann a chàineadh 's iad ag ràdh gu bheil riaghladh na buidhne dha-rìribh uabhasach le buaireadh agus casaidean burraidheachd. Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gun do thòisich Tom Macillinnein anns an obair bho chionn cola-deug. Aig a' cheart àm, tha e coltach gu bheil iarrtas air nochdadh airson coinneimh èiginnich le prìomh amas triùir stiùirichean le cùisean gearain nan aghaidh a chur às an dreuchdan anns a' bhad.

Inbhir Ghrainnse

Tha dùil gum foillsich an Seansalair, Rachel Reeves, suas ri £14.5m anns a' bhuidseat airson ionad Inbhir Ghrainnse. Stad an t-ionad a' giollachd ola aig an làraich anns a' Ghiblean. Chaidh cur às leth Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach do choilean iad an gealltanas £200m bho Stòras Beartais na Dùthcha a chosg air Inbhir Ghrainnse. Tha am BBC a' tuigsinn gur e airgead ùr a th' ann an £12.5m, agus gun tig £2m bho airgead a th' air a chomharrachadh aig Roinn a' Chumhachd agus Net Zero.

Fir a dhìth

Tha teaghlaichean ag iarraidh atharrachaidhean san dòigh a tha poilis a' làimhseachadh rannsachaidhean mu fhireannaich òga a tha a' dol a dhìth ann an Alba. Tha iad ag ràdh gu bheil measaidhean mu chunnart neo-chunbhalach agus aig amannan gu bheil mar a tha ìre chunnairt ga meas ceàrr, a' fàgail nach eil freagairt nam poileas aig an ìre a bu chòir. Tha teaghlach Cole Cooper, aois 19, a chaidh a dhìth anns a' Chèitean agus a chaidh fhaighinn marbh ceithir seachdainnean às dèidh sin, a' togail dragh anns a' phrògram Disclosure. Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' dèanamh mheasaidhean agus a' cur riutha nuair a gheibh iad fiosrachadh ùr, agus gu bheil làn-rannsachaidhean gan dèanamh le gach cùis.

Cinn t-Sàile

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis neach-coiseachd air a' Ghàidhealtachd an dèidh dhaibh a bhith glacte air druim cas ann an sìde gheamhradail aig deireadh na seachdain. Thuirt Buidheann Teasairginn Chinn t-Sàile gun deach an gairm mu 1:30f Disathairne airson taic a thoirt dhan dithis air Druim nam Forcan ann an Gleann Seile. Chuidich iad an luchd-coiseachd a thoirt far na beinne annns an dorchadas.