Iomairt 'son dèiligeadh ri trioblaidean trafaig Loch Abair

Dh’iarr Seòmar-Malairt Loch Abair airson gnìomh anns a gheàrr-ùine airson dèiligeadh ri suidheachadh trafaig èiginneach san sgìre.

Sgaoil iad bhideo air-loidhne agus iad den bheachd gu bheilear air bruidhinn mun a chuspair fada gu leòr gun càil air tachairt.

Tha iomagain a' leantainn mu na tha de charbadan air rathaidean na sgìre.

Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.