A bheil Gàidhlig Chataibh a' dol à bith?

Tha dragh ann gun tèid a’ Ghàidhlig à bith ann an Cataibh, ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd, an dèidh mar a sheall torraidhean a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh nach fhacas fàs idir an seo, de luchd-labhairt na Gàidhlig.

Bha seo eu-coltach ri àitichean eile, far an robh dealbh measgaichte sna h-Eileanan, agus beagan fàs air tìr-mòr.

Ach tha iomagainn ann an Cataibh, leis nach eil sgoil san latha a th’ann a tha a tabhainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.